Leabhar ainmeil le Niall MacLeòid, a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1883. Am measg nan dàn a tha na bhroinn gheibhear an dàn sònraichte “Am Faigh a’ Ghàidhlig Bàs?”.
“Ach buaidh is piseach air na laoich Tha seasmhach air a sgàth, Chaidh àrach ann an tìr an fhraoich, Ge sgaoilt’ an diugh an àl; Ged chaidh an sgapadh air gach taobh, Cha chaochail iad an gnàths; Cha ’n fhàs an eachdraidh lag le aois, ’S cha ’n fhaigh a’ Ghàidhlig bàs.”
(bho “Am Faigh a’ Ghàidhlig Bàs?”)
mu 3.5, an da-rìribh. chòrd cuid dhe na dàin rium (agus dà dhe na sgeulachdan), ach leis an fhìrinn innse cha do tharraing a’ mhòr-chuid dhiubh m’ ùidh.