Tha Angela NicilleDhuinn air seann leabhar a lorg — leabhar a bhuineadh do Dhaibhidh Brewster, an neach-saidheans Albannach a chruthaich an cailèideascop. Tha i air a chleachdadh gus ionnsramaid ùr nodha a chruthachadh, a tha a’ dèanamh follaiseach na ceanglaichean brèagha eadar gach nì — agus gach duine — anns an t-saoghal. Ach, tha muinntir eile air tòir an fhiosrachaidh seo cuideachd, agus tha Angela a-nist ga faighinn fhèin ann an cunnart cho mòr gu bheil ceist oirre — am b’ urrainn dhi fuireach ann an Alba?
Dà cheud bliadhna às dèidh nan làithean nuair a bha Angela beò, tha eachdraiche òg air lorg fhaighinn air an sgeulachd aice. Agus le taic bho charaid àraid — a tha cracte air nobhailean mu dhèidhinn seann luchd-rannsachaidh prìobhaideach — tha i a’ faighinn sealladh às ùr air ciamar a thàinig an cinne-daonna tro sgrios, cogadh, agus ùpraid, gu beatha shaor, bheairteach, far a bheil daoine a’ dèanamh deiseil gus siubhal do na speuran.
Tha Daibhidh Eyre air sgeulachd ghleusta is shiùbhlach a chruthachadh, a tha a’ tòiseachadh am measg ath-bheothachadh na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, agus a’ crìochnachadh anns na speuran. Turas thar-labhairt.
“Ach dhòmhsa bha e inntinneach — agus tha e inntinneach fhathast — an dòigh sa bheil rudan beaga a’ tighinn ri chèile gus rudeigin mòr a chruthachadh. ’S dòcha leis gun robh mi ag obair le siostaman a h-uile latha, chunnaic mi an dòigh anns am biodh atharraichean mòra a’ tighinn ri linn ghnìomhan beaga, gu h-àraid nuair a bha na rudan beaga sin uile air an ceangal ri chèile ann an lìonra.”
*
bha dùilean gu math àrd agam a thaobh an leabhair seo agus chan ann dìreach nach do bhris e iad ach gun deach e na b’ àirde fiù ’s. cha chreid mi nach e seo an leabhar-ruisg as fheàrr leam sa Ghàidhlig, agus tè dhe na nobhailean saidheans-ficsean as motha a chòrd rium ann an cànan sam bith.
às dèidh dhomh an leabhar seo ath-leughadh ann an 2020: tha e dìreach cho math. like. fuck. sàr-nobhail.
Abair leabhar. Fiù 's nach bhithinn cho dèidheil air ficsean saidheansail (tha mi), bha mi gluaiste le dè cho math Eyre a' nighe na cuspairean còmhla. Tha a h-uile rud ceangailte ris a h-uile rud eile. Sin beachd cumhachdach, agus tha Eyre eòlach air. Chòrd na poilitigs ris a' bheachd seo rium gu sònraichte. Cò aig a bha fios gum b' urrainn dha duilleagan air peutantan a bhith cho inntinneach? Sin gnìomh.
Ga leughadh ann an 2024, tha iomadh na beachdan seo air fàs nas buintiniche na bha e a-riamh. Feumaidh sinn ceanglaichean! 'S dòcha gum feum sinn Cailèideascopan Mòra?